Meatair
'S e aonad mheudachaidh airson fad a th'ann am meatair (Greugais: μέτρον, a tha a' ciallachadh meud). 'S e an t-astar a thèid an t-solas ann an 1⁄299.792.458 ann an diog. 'S e aonan dhen seachd aonadan bunaiteach Siostam Eadar-nàiseanta (SI) nam Meud a th' ann am meatair cuideachd.[1] Chaidh am meatair a chruthachadh le coimisean eadar-nàiseanta ann an 1791, an dèidh Ar-a-mach na Frainge, air a stèidheachadh air meudachadh comharran na meadhan-loidhne. Ann an 1960,[2] chaidh sin atharrachadh do 1.650.763,73 tonn-fhad san fhalamhachd, eadar ìre 2p10 agus 5d5 airsion ataman kripton 86. Chaidh sin atharrachadh a-rithist ann an 1983 do 1⁄299.792.458 ann an diog, agus 's e a thathar a' cleachdadh an latha na-diugh.[3]
Co-ionnanan ann an aonadan eile
[deasaich | deasaich an tùs]Aonadan meatrach ann an siostaman eile |
Aonadan neo-SI ann an aonadan meatrach | |||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|
1 meatair | ≈ | 1.0936 | slat | 1 slat | ≡ | 0.9144 | meatair | |
1 meatair | ≈ | 39.370 | òirleach | 1 òirleach | ≡ | 0.0254 | meatair | |
1 ceudameatair | ≈ | 0.39370 | òirleach | 1 òirleach | ≡ | 2.54 | ceudameatair | |
1 milemeatair | ≈ | 0.039370 | òirleach | 1 òirleach | ≡ | 25.4 | ceudameatair | |
1 meatair | ≡ | 1×10 | ångström | 1 ångström | ≡ | 1×10−10 | meatair | |
1 nanomeatair | ≡ | 10 | ångström | 1 ångström | ≡ | 100 | picomeatair |
Ceanglaichean a-muigh
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Delta
- ↑ Hans-Joachim v. Alberti: Maß und Gewicht. Geschichtliche und tabellarische Darstellungen von den Anfängen bis zur Gegenwart. Akademie-Verlag, Berlin, 1957
- ↑ BIPM
Uiread | Aonad | |||
---|---|---|---|---|
Ainm | Samhla | Ainm | Samhla | |
Ùine | t | diog | s | |
Faid | x, r | meatair | m | |
Tomad | m | cileagram | kg | |
Sruth-dealain | I | Ampere | A | |
Teòthachd | T | Kelvin | K | |
Suim stutha | N | mòl | mol | |
Dèine sholasach | lv | candela | cd |