Jump to content

Bànrigh Bhictoria

O Uicipeid
Bànrigh Bhictoria
monarch of the United Kingdom of Great Britain and Ireland (en) Translate

20 dhen Ògmhios 1837 - 22 dhen Fhaoilleach 1901
Uilleam IV - Eideard VII
monarc Chanada

1 dhen Iuchar 1867 - 22 dhen Fhaoilleach 1901
← no value - Eideard VII
Impire nan Innseachan

1 dhen Chèitean 1876 - 22 dhen Fhaoilleach 1901
← no value - Eideard VII
Beatha
Ainm slàn Princess Alexandrina Victoria of Kent
Breith Lùchairt Kensington, 24 dhen Chèitean 1819
Dùthaich  Rìoghachd Aonaichte na Breatainne Mòire agus Èireann
Àite-fuirich Lùchairt Kensington
Lùchairt Buckingham
Osborne House (en) Translate
Caisteal Windsor
Bàs Osborne House (en) Translate, 22 dhen Fhaoilleach 1901
Àite-adhlacaidh The Royal Mausoleum (en) Translate
An Cladh Rìoghail
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (ruith-fala san eanchainn)
Teaghlach
Athair Prince Edward, Duke of Kent and Strathearn
Màthair Princess Victoria of Saxe-Coburg-Saalfeld
Cèile Prince Albert of Saxe-Coburg and Gotha (en) Translate  (10 dhen Ghearran 1840 -  14 dhen Dùbhlachd 1861)
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Sinnsirean
Fine Taigh Rìoghail Hanobhair
Foghlam
Foghlam Windlesham House School (en) Translate
Cànain Beurla
Gearmailtis
Fraingis
Eadailtis
Laideann
Urdu
Luchd-teagaisg Luigi Lablache (en) Translate
Dreuchd
Dreuchd monarc, peantair, sgrìobhadair, sgrìobhadair leabhair-latha, fèin-bheatha-eachdraiche agus uas-fhlath
Àirde 142.24 centimetre
Duaisean a fhuaras
Ballrachd An Comann Rìoghail
Creideamh
Creideamh Anglachas
IMDb nm0703075

Rugadh a' Bhànrigh Bhictoria (no Bhioctoiria) air 24 an Céitean 1819 agus chaochail i air 22 am Faoilleach 1901. Bha i 81.

Thàinig i gun rìgh-chathair air 20 an t-Ògmhios 1837 agus chaidh a crùnadh mar Bhànrigh na Rìoghachd Aonaichte air 28 an t-Ògmhios 1838 aig Abaid na h-Iar-mhanachainn ann an Lunnainn, Sasainn.

Air 10 an Gearran 1840 phòs a' Bhànrigh Bhictoria Ailbeart Saxe-Coburg-Gotha agus bha naoinear chloinne aca. Chaochail am Prionnsa Ailbeart air 14 an Dùbhlachd 1861. 'S e am fiabhras breac a thug bàs dha.[1]

Fhuair an Institiud Foghlam na h-Alba bann sgrìobhte on a' Bhànrigh Bhictoria ann an 1851.[2]

Ré rìoghachadh Bhictoria bha Breatainn Mór na bùth-obrach dhan t-saoghal agus bha Impireachd Bhreatainn a riaghladh an dà chóigeamh cuid dhen t-saoghal. Chaidh Bhictoria a dhèanamh na Ban-ìmpire na h-Innseachan air 10 an Céitean 1876 an dèidh dhan Crùn smachd a ghabhail o Chompanaidh nan Innseachan an Ear ann an 1858[3] agus bha i na Bànrigh airson 63 bliadhna agus 7 mìosan.

A' Bhànrigh agus Alba

[deasaich | deasaich an tùs]
Caisteal Bhaile Mhorail

Cheannaich Ailbeart an Oighreachd Bhaile Mhorail ann an 1852 air a son agus tha an oighreachd fhathast aig an teaghlach an-diugh. Rugadh a ban-ogha, bana-phrionnsa Bhictoria an siud ann 1887, a' chiad bhall dhen teaghlach rìoghail a rugadh ann an Alba o 1600. Dh'fhuireach rùnaire Innseanach Bhictoria, Abdul Kadir no am 'Munshi' ann an Caisteal Bhaile Mhorail eadar 1894 is 1901.[4]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Queen Victoria: The woman who redefined Britain's monarchy”. iWonder. BBC. Air a thogail 22mh dhen Fhaoilleach 2019.
  2. Royal Charter”. Institiud Foghlam na h-Alba. Air a thogail 22mh dhen Fhaoilleach 2019.
  3. Queen Victoria becomes Empress of India”. Making Britain. Oilthigh Fosgailte. Air a thogail 22mh dhen Fhaoilleach 2019.
  4. Scotland's History: The Balmoral Estate”. Scotland's People. Clàran Nàiseanta na h-Alba. Air a thogail 22mh dhen Fhaoilleach 2019.
pFad - Phonifier reborn

Pfad - The Proxy pFad of © 2024 Garber Painting. All rights reserved.

Note: This service is not intended for secure transactions such as banking, social media, email, or purchasing. Use at your own risk. We assume no liability whatsoever for broken pages.


Alternative Proxies:

Alternative Proxy

pFad Proxy

pFad v3 Proxy

pFad v4 Proxy