Jump to content

Cáceres

O Uicipeid
Cáceres
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Ceàrn Cáceres
Sgìre Extremadura
Co-chomharran 39° 29' Tuath
06° 22' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 1,750.33 km²
Àireamh-shluaigh 93,131 (2009)
Dlùths 53.21/km²
Àireamh fòn + 34 927
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

’S e baile mòr air an àirde an iar na Spàinne a th’ ann Cáceres (IPA: kaθeɾes, Estremeñu: Caçris). Chaidh e a stèidheachadh mu 79 Ro Chrìosd le Quintus Caecilius Metellus Pius.[1] Tha Cáceres suidhichte shuas air a' chòmhnard àrd ann an Extremadura ris an canar Llanos de Cáceres,[2] aig 403m os cionn ìre na mara,[3] faisg air an Abhainn Guadiloba.[4] Tha Cáceres 241km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 743km bho Bharcelona.[5] Tha 93,131 daoine a’ fuireach ann an Cáceres,[6] an darna baile as motha ann an Extremadura agus an 72mh baile na Spàinne.[7] Chaidh e ainmeachadh na Àite Dualchas na Cruinne le UNESCO ann ann 1986.[8] A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne Cáceres a th’ann Cáceres cuideachd.

Freumhan an ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha luchd-rannsachaidh dhen bheachd gur ann à castrum/castris (Gàidhlig: campa) ann an Laideann a tha an t-ainm, o chionn's gu robh camp an airm ann fo na Ròmanaich. 'S e facal a tha co'dhàimheil le caer sa Chuimris agus cathair sa Ghàidhlig. Tha cuid eile a' cumail gur ann à Caesaria (Gàidhlig: Áite a' Cheusair). Thathar dhen bheachd gu robh bailtean air an robh Colonia Norbensis Caesarina agus Castra Caecilia faisg air làimh. A dh'aindeoin sin, tha teòiridh eile ann a chanas gur e dìreach facal air Choireigin ann an Laideann air arabachadh gu Cazires.

Mar a b’àbhaist san Spàinn, chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[9]

Lùchairtean

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Lùchairt na Golfines Shuas
  • Lùchairt na Golfines Shìos
  • Lùchairt Comendador de Alcuescar
  • Lùchairt- Daingneach na Torreorgaz
  • Lùchairt Easbaigeach
  • Lùchairt Carvajal (15mh Linn)
  • Lùchairt Godoy
  • Lùchairt Mayoralgo
  • Taigh Mòr na Sande
  • Lùchairt na Veletas
  • Lùchairt Cáceres-Ovando
  • Taigh a’ Mhoncaidh
  • Lùchairt Toledo-Moctezuma
  • Taigh na Grèine
  • Taigh Mudejar
  • Taigh na Carvajal y Ulloa

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Cáceres Romana[dead link]
  2. Extremambiente
  3. Mongabay
  4. Pueblos de España[dead link]
  5. Distance Calculator
  6. Cunntas-sluaigh na Spàinne
  7. Bailtean na Cruinne
  8. UNESCO
  9. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
pFad - Phonifier reborn

Pfad - The Proxy pFad of © 2024 Garber Painting. All rights reserved.

Note: This service is not intended for secure transactions such as banking, social media, email, or purchasing. Use at your own risk. We assume no liability whatsoever for broken pages.


Alternative Proxies:

Alternative Proxy

pFad Proxy

pFad v3 Proxy

pFad v4 Proxy