Jump to content

Ebéjico

O Uicipeid
Ebéjico
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
[[Faidhle: |300px]]
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Antioquia
Sgìre Occidente
Àirde 1125m
Co-chomharran 06' 19' 43' Tuath
76° 46' 07' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 235 km²
Àireamh-shluaigh 12,511 (2005)
Dlùths 53.24/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

‘S e baile beag ann an Antioquia,[1] Coloimbia,[2] a th’ ann Ebéjico. Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha aig 1,125m os cionn ìre na mara agus 40km air falbh bho Mhedellín, prìomh-bhaile na roinne. ‘S e baile le gnàth-shìde theth a th’ ann agus tha teodhachd meadhanach dhe 23˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1830.

Freumhan an Ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

'S e ainm Tùsanach a th'ann Ebéjico, bho na Ebéxico, ainm nan Tùsanach a bha na tàmh anns an àite, ro àm nan Spàinnteach, far a bheil am baile an latha an-diugh. Thathar a' creidsinn gur e buidheann Nutabe a th'annta.[3]

Chaidh am baile ris an canar Ebéjico an latha an-diugh a steidheachadh gu h-oifigeil leis a’ Cheann-suidhe Juan de Dios Aranzazu (17981845), ann an 1830 anns a' Ghlean Miraflores.[4] Bha Aranzazu fhathast na Riaghladair ann an Antioquia aig an àm. A bharrachd air Ejébico, steidhich esan 5 bailtean eile ann an Antioquia: Campamento, Liborina, Entrerríos, Girardota agus Cocorná.[5] A tuilleadh air sin, thug e fearann mar thabhartas airson am baile Aranzazu ann an Caldas a steidheachadh cuideachd.

Sluagh a' bhaile

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha 12,511 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach tha a’ mhòr-chuid dhuibh, 10,383 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[6] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[7] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin, ‘s e pàtran àireimh-shluaigh gu math traidiseanta a th’ann ann am Ebéjico fhathast.

A thaobh chinnidh, 's e daoine geala/mestizos a th' anns a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Ebéjico, ach tha 0.4% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 81% dhe na daoine ann an Ebéjico leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig ach 28.6% dhe na dachannan.[8]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Ebéjico. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[9] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

An t-sìde ann an Ebéjico (Medellín)

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Mapa oifigeil na roinne[dead link]
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. Fiosrachadh a' Chomhairle[dead link]
  4. Fiosrachadh a' Chomhairle[dead link]
  5. Leabharlann Luis Angel Arango
  6. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  7. Colombia Virtual
  8. Bileag fhiosrachaidh DANE
  9. Country Studies: Colombia
pFad - Phonifier reborn

Pfad - The Proxy pFad of © 2024 Garber Painting. All rights reserved.

Note: This service is not intended for secure transactions such as banking, social media, email, or purchasing. Use at your own risk. We assume no liability whatsoever for broken pages.


Alternative Proxies:

Alternative Proxy

pFad Proxy

pFad v3 Proxy

pFad v4 Proxy