Jump to content

Girona

O Uicipeid
Girona
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Ceàrn Girona
Sgìre Catalòinia
Co-chomharran 41° 59' 04 Tuath
02° 49' 16 Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 276.81 km²
Àireamh-shluaigh 94,484 (2008)
Dlùths 341.33/km²
Àireamh fòn + 34 972
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

‘S e baile mòr air an àirde an ear-thuath na Spàinne a th’ ann Girona (Catalanais, IPA: ʒi'ɾonə) neo Gerona (Spàinntis, IPA: xe'ɾona). Tha Girona suidhichte aig 117m os cionn ìre na mara,[1] aig inbhir na h-aibhnichean Ter, Onyar, Galligants agus Güell.[2] Tha Girona 581km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 98km bho Bharcelona, am baile as motha agus prìomh-bhaile Chatalòinia[3] Tha 94,484 daoine a’ fuireach ann an Girona,[4] an 9mh baile as motha ann an Catalòinia agus an 63 baile na Spàinne.[5] A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne Girona a th’ann Girona cuideachd.

Freumhan an ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

‘S ann gu math connspaideach ‘s a tha Freumh-fhaclachd an àite seo. Tha e coltach gur ann às an Abhainn Onyar (no Undarios o chionn fhada) a tha e. B’ e Kerunta a bh’ ann an t-ainm Ibearach agus chaidh sin atharrachadh gu Gerunda ann an Laideann nuair a bha an sgìre fo bhuaidh nan Ròmanach.[6] Fad nan linntean dh'atharrachadh fuaimneachadh an ainm, a’ call an d eadar nan connragan, a’ toirt Girona dhuinn an latha an-diugh ann an Catalanais.[7]

Chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[8]

Cruinn-eòlas

[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir figearan an Riaghaltais, 's e an t-Iuchar a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an Girona.[9] Cha tuit ach 728mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 445mm nas lugha na Steòrnabhagh (1173mm) - leis gur e àite caran fliuch a th' ann, an taca ri àiteachan eile san Spàinn:

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Mongabay
  2. Ciutat de Girona
  3. Distance Calculator
  4. Cunntas-sluaigh na Spàinne
  5. Bailtean na Cruinne
  6. Ciutat de Girona
  7. De Kerunta a Gerunda: Els Origens de la Ciutat, Palahi L., Nolla J.M., Vivo D. , Ajuntament de Girona, 2007, ISBN 9788484960478
  8. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  9. Aemet

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
pFad - Phonifier reborn

Pfad - The Proxy pFad of © 2024 Garber Painting. All rights reserved.

Note: This service is not intended for secure transactions such as banking, social media, email, or purchasing. Use at your own risk. We assume no liability whatsoever for broken pages.


Alternative Proxies:

Alternative Proxy

pFad Proxy

pFad v3 Proxy

pFad v4 Proxy