Jump to content

Klas Pontus Arnoldson

O Uicipeid
Klas Pontus Arnoldson
member of the Second Chamber (en) Translate

1882 - 1887
Sgìre: Q10688831 Translate
Beatha
Breith Domkyrkoförsamlingen in Göteborg (en) Translate agus Göteborg City (en) Translate, 21 dhen Dàmhair 1844
Dùthaich  An t-Suain
Bàs Lidingö församling (en) Translate, Stockholm City (en) Translate agus Sankt Matteus (en) Translate, 20 dhen Ghearran 1916
Àite-adhlacaidh Norra begravningsplatsen (en) Translate
Foghlam
Cànain Suainis
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs agus naidheachdair-bheachdan
Duaisean a fhuaras
Ainmeachadh airson duaisean
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach "vänstern" (en) Translate

B' e neach-aithris, sgrìobhadair, sìochantair agus neach-poileataigs às An t-Suain a bh' ann an Klas Pontus Arnoldson (Göteborg 27 an Dàmhair 1844 - Stockholm 20 an Gearran 1916).[1] Bhuineadh Arnoldson do theaghlach bochd agus cha deach e dhan oilthigh idir. Chuir e seachad bliadnichean ag obair ann an oifis rèile ann an Tumba, mus an do thoisich e ann am poileataigs radaigeach agus naidheachdas. Sgrìobh e mòran airson Nordiska dagbladet agus Sanningssökaren. Chaidh a thaghadh do Phàrlamaid na Suaine ann an 1882. Bhuannaich e an Duais Nobel airson Sìthe ann an 1908 còmhla ri Fredrik Bajer.[2] B' iadsan a stèidhich Coimhearsnachd Stàitean Saora na Lochlainn (Suainis: Nordiska fristats-samfundet)[3] agus an Comann Suaineach airson Sìthe agus Eadar-bhreithe (Suainis: Svenska freds- och skiljedomsföreningen).[4] Tha a' bhuidheann sin fhathast a' dol. Bha Arnoldson an aghaidh cogadh agus airson sìth is co-obrachadh eadar-nàiseanta. Bha e dhen bheachd gum bu chòir dha Lochlann a bhith na stàit fheadarail ach, nuair a bha Nirribhidh an impis a dhol dhan chogadh gus a cuid shaorsa a dhìon an aghaidh droch làimhseachadh na Suaine, b' e gun do ghabh esan ris na bha Nirribhidh a' sireadh. Le sin, sheachain e cogadh eadar an dà dhùthaich. Fhuair Nirribhidh neo-eisimeileachd gun strì ann an 1905, a chuir crìoch air an Aonadh Nirribhidh agus An t-Suain.[5] Cha do phòs e a-riamh. Chaochail e le greim-cridhe ann an Stockholm, ann an 1916. Tha sràid ann an Tumba - K P Arnoldssons Väg - ainmeachadh an a dhèidh.

Na sgrìobh e

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Karolinen och hans ättlingar, Örebro, 1868.
  • Är världsfred möjlig?: En historisk framställning af sträfvandena för lag och rätt mellan folken. Fröléen, Stockholm 1890.
  • Pax Mundi, Lov - ikke krig, 1890.
  • Seklernas hopp: En bok om världfreden. Wilhelmsson, Stockholm, 1900.
  • Maria Magdalena: fredsberättelse, Stockholm: Bohlin. 1903.
  • Fjärrbilder: sökaren från Atén. Väktaren i Rom. Herdinnan vid Magdala, Göteborg: Åhlén & Åkerlund, 1912.

Aistean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Den Store Danske
  2. Nobel Prize
  3. Arkivcentrum
  4. UFCG
  5. NNDB
pFad - Phonifier reborn

Pfad - The Proxy pFad of © 2024 Garber Painting. All rights reserved.

Note: This service is not intended for secure transactions such as banking, social media, email, or purchasing. Use at your own risk. We assume no liability whatsoever for broken pages.


Alternative Proxies:

Alternative Proxy

pFad Proxy

pFad v3 Proxy

pFad v4 Proxy