Muriel Spark
B' sgrìobhaiche à Alba a bha ann am Muriel Spark. Tha i as ainmeile airson an nobhail aice, The Prime of Miss Jean Brodie. Rinneadh film às, le Maggie Smith mar Jean Brodie, ann an 1969.[1]
Rugadh i, mar Mhuriel Sarah Camberg, ann an Dùn Èideann ann an 1918. Bha i na sgoilear aig James Gillespie's School for Girls agus rinn i cursa aig a' Cholaiste Heriot Watt. Phòs i Sydney Spark ann an 1937 agus dh'imrich a' chàraid a dh'Afraga. Sgrìobh i propaganda ann an Lunnainn aig am a' chogaidh mus deach i rùnaire na Poetry Society. Deasaich i The Poetry Review eadar 1947 is 1949. Dh'imrich i don Eadailt ann an 1967 far an do chaochail i ann an 2006.[2]
Leabhraichean
[deasaich | deasaich an tùs]Dh'fhoillsich i a' chiad chruinneachadh bàrdachd aice, The Fanfarlo and Other Verse ann an 1952, a' chiad nobhail, The Comforters ann an 1957, is fèin-eachdraidh bheatha, Curriculum Vitae, ann an 1993.[2]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “The Prime of Miss Jean Brodie (1969)”. IMDb. Air a thogail 22mh dhen Dùbhlachd 2017.
- ↑ 2.0 2.1 “Writing Scotland - Muriel Spark”. BBC. Air a thogail 22mh dhen Dùbhlachd 2017.