Jump to content

Poltava

O Uicipeid
Poltava
Полтава
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Ucràin
Ceàrn Poltavska Oblast
Sgìre Poltavskiy Raion
Co-chomharran 49° 35 22' Tuath
34° 33 05' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 103 km²
Àireamh-shluaigh 283,402 (2021)
Dlùths 2,751.48/km²
Àireamh fòn + 380 532(2)
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile mòr eadar Dnipro agus Kharkiv anns An Ucràin a th' ann am Poltava (Ucràinis: Полтава, IPA: ˈpolˈtɑwɐ). Tha e suidhichte ann an cridhe na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Vorskla, san roinn Poltavska Oblast. Tha 283,402 duine a' fuireach ann.

Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 899. Rinn Khan Mengli I Giray à Crimea sgrios air a' bhaile ann an 1482. Thogadh ionad airm airson nan Cosagach ann an 1648 agus an uair sin, ann an 1650 chaidh mainistir a thogail cuideachd. Thachair batal crauidh fuilteach ann am Poltava ann an 1709, far an do chuir Peadar Mòr ruaig air feachdan na Suaine.[1] Ann an 1808 thàinig buidheann de luchd-ceàirde às A'Ghearmailt dhan bhaile agus dh'fhosgail stèisean rèile ann an 1870. Nuair a bha Poltava fo sgàile is fo bhuaidh nan Nàsach chaidh Iùdhaich a' bhaile (9.9% den t-sluagh iomlan ann an 1939) a chur dhan phrìosan ann an ghetto mus deach a mhurt ris na h-Einsatzgruppe agus a thiodhlacadh ann an uaighean mòra san sgìre.[2] Ann an 1991, thàinig Poltava gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine.

Eòlas-sluaigh

[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2001, 's e Ucràinis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann am Poltava a' bruidhinn (96.88%), ged a tha mion-chuid ann le Ruisis (3.13%).[3] Ged a bha fàs ann an uiread dhaoine a bha a' fuireach ann am Poltava tron 18mh Linn agus 19mh Linn, cha b' ann ach àn dèidh A' Chogaidh Mhòir a fhuair am baile fàs uabhasach fhèin mòr a thaobh àireimh-shluaigh agus an An t-Aonadh Sobhiatach ga ghnìomhasachadh.[4] A dh'aindeoin sin, thoisich an uiread dhaoine a tha nan tàmh ann am Poltava a thuiteam an dèidh 2001, nuair a bha àireamh-shluaigh a' bhaile aig an ìre na b' àirde a bha e a-riamh.

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Moltusov, Valerij Aleksejevitj (2009). Poltava 1709: Vändpunkten, SMB, ISBN 978-91-85789-75-7.
  2. USHMM
  3. Ukcensus
  4. Harrison, M, The Soviet Union after 1945: Economic Recovery and Political Repression, Oilthigh Warick, Coventry, 2010.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
pFad - Phonifier reborn

Pfad - The Proxy pFad of © 2024 Garber Painting. All rights reserved.

Note: This service is not intended for secure transactions such as banking, social media, email, or purchasing. Use at your own risk. We assume no liability whatsoever for broken pages.


Alternative Proxies:

Alternative Proxy

pFad Proxy

pFad v3 Proxy

pFad v4 Proxy