Jump to content

Prionnsachd Asturias

O Uicipeid
Prionnsachd Asturias
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Prìomh-bhaile Oviedo City (en) Translate
Stèidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 10,604 km²
Àireamh-shluaigh 1,084,109 (2014)
Dlùths 102.24/km²
Àireamh fòn + (98)
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

'S e fear de na mòr-roinnean na Spàinne a tha ann Prionnnsachd Asturias (Spàinntis: Principado de Asturias, Asturianais: Principáu d'Asturies, Fala: Principao d'Asturias). Tha e suidhichte ann an ceann a tuath na dùthcha. 'S e Oviedo a th' ann prìomh-bhaile na roinne agus tha port-adhair ann siud cuideachd, mi-shlighe eadar Oviedo, Avilés agus Gijón.[1] 'S e Asturias an 10mh cheàrn as motha a tha anns a' Spàinn. Tha e cho farsaing ri 10,604 cilemeatair ceàrnagach, 2.1% na dùthcha. Anns a' bhliadhna 2010 bha 1,084,109 duine de shluagh ann,[2] le dlùths aig àireamh 102.24 duine gach km². Tha Spàinntis agus Fala (no Asturianais) gam bruidhinn ann an Asturias. Tha Asturias aon-roinneil. Tha i na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh fo smachd an Junta General de Asturias. Tha pàrlamaid le ceann-suidhe agus Buidheann Riaghlaidh aige.[3] Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha an Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[4]

Freumhan an ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

‘S ann gu math connspaideach ‘s a tha freumhan an ainm air sàilleabh nach eil Freumh-fhaclachd na sgìre idir soilleir. Anns an Spàinn tha mòran dhen bheachd gur ann à Etura (Gàidhlig: abhainn) ann an t-seann cheiltis a th’ ann an t-aimn. Thathar a' cantainn gu bheil sin ann an co-dhàimh le ster ann an agus sruth anns a' Ghàidhlig. A bharrachd air sin, tha cruth na tìre san sgìre a' gabhail ris an teòiridh. Tha àite eile ann an Sasainn air a bheil Stour. 'S ann à Ceiltis a tha mòran nan àinmean-àite san sgìre.[5]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Verdenorte
  2. Cunntas-sluaigh na Spàinne
  3. Junta General de Asturias
  4. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  5. Studies in Baltic and Indo-European Linguistics, Baldi P., Dini P., John Benjamins BV, Amsterdam, 2004

Ceangal a-muigh

[deasaich | deasaich an tùs]
pFad - Phonifier reborn

Pfad - The Proxy pFad of © 2024 Garber Painting. All rights reserved.

Note: This service is not intended for secure transactions such as banking, social media, email, or purchasing. Use at your own risk. We assume no liability whatsoever for broken pages.


Alternative Proxies:

Alternative Proxy

pFad Proxy

pFad v3 Proxy

pFad v4 Proxy