Jump to content

São Tomé

O Uicipeid
São Tomé
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich São Tomé agus Príncipe
Ceàrn Eilean São Tomé
Sgìre Água Grande
Co-chomharran 00° 20 07' Deas
206° 43 51' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 6.6 km²
Àireamh-shluaigh 51,886 (200)
Dlùths 7,861.52/km²
Àireamh fòn + 239 11

'S e prìomh-bhaile São Tomé agus Príncipe a tha ann an São Tomé. Anns a' bhliadhna 2005 bha 56,166 duine a' fuireach anns a' bhaile fhèin, mar sin 's e am baile as motha na dùthcha cuideachd. Tha São Tomé 302km air falbh bho Libreville (Gabon), 661km bho Yaoundé (Camarun) agus 443km bho Mhalabo (Gini Mheadhan-Chriosach).[1]

Tha am baile suidhichte ann an Ana Chaves Bay anns an ear-thuath an eilein São Tomé, ann an ceann a tuath na dùthcha, aig 140m os cionn ìre na mara.[2] Tha port-mara cudthromach aige. 'S e seo an Co-chomharran aige: 6° 40’ 53” Ear agus 0° 20’ 10” Tuath. Tha São Tomé na laighe eadar Trindade san ear-thuath agus Guadalupe san ear-dheas. Tha na bailtean seo ceangailte le rathad-iarainn. Chaidh am baile a stèidheachadh anns a’ bhliadhna 1485 leis A' Phortagail. Thàinig ainm a’ bhaile bhon fhacal Portagailis airson Naoimh Thomas. Chaidh an Àrd-eaglais São Tomé a thogail anns an 16mh linn.

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Distance Calculator
  2. Mongabay
  3. Lisboa Câmara Municipal
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
pFad - Phonifier reborn

Pfad - The Proxy pFad of © 2024 Garber Painting. All rights reserved.

Note: This service is not intended for secure transactions such as banking, social media, email, or purchasing. Use at your own risk. We assume no liability whatsoever for broken pages.


Alternative Proxies:

Alternative Proxy

pFad Proxy

pFad v3 Proxy

pFad v4 Proxy