Jump to content

Siostam Eadar-nàiseanta nan Aonadan

O Uicipeid

Anns a’ bhliadhna 1960, dh’aontaich an 11mh Comhairle Ginearalta air Cuideaman agus Tomhaisean ris an ainm Système International d'Unités, 'sa Ghàidhlig: Siostam Eadar-nàiseanta nan Aonadan, agus ris a’ ghearr-sgrìobhaidh eadar-nàiseanta SI , airson an siostam de aonadan-thomhais practigeachd a chaidh air mholadh leis a’ chomhairle.

Tha an SI stèidhichte air seachd bun-aonad. Air barrachd na bun aonadan, dh’aontaich an 11mh Comhairle Ginearalta, riaghailtean airson ro-ainmean, airson aonadan-leasaichte, agus airson gnìomhan eile.

Is àlach de aonadan sàr-shònraichte, a tha anns an seachd bun-aonad. Gabhar, le àbhaisteas, gu bheil gach bun-aonad a’ tomhais bun-feart a tha neo-eisimeileach ri càch air taobh seòladh. Is iad na bun-aonadan:

  • am meatair (m), 's an t-aonad de fhaide a tha anns an meatair.[1] Is meatair an astar a shuibhalas gàth sholais, ann an falamhantas, re dail tím de 1/299 792 458 de diog.
  • an cileagram (kg), 's an t-aonad de thomad a tha anns an cileagram.[2] Tha màs a’ chileagram co-ionnan ri màs den ro-shamhuil eadar-nàiseanta.
  • an diog (d), 's an t-aonad de thìm a tha anns an diog.[3] Is diog an dail thìm rè 9 192 631 770 dail den rèididheachd saoraichte le atam de caesium-133, agus an atom an iompachadh eadar dà inbhe haidhper-mìn de a bhun-stàid.
  • an ampere (A), 's an t-aonad de sruth-dhealanachd a tha ann an ampere. Is e a tha anns an ampere an sruth-dhealain cunbhalach a bhiodh, nan ro e na sruthadh tro dà teud dìreach, de tar-raoin neo-mheudachd, , de fàd eicriochte, co-shìnte le astar de 1 meatair eadarra agus suidhichte ann an falmhantas, ag aobharachadh forsa eadar an dà theud co-ionnan ri 2 x 10-7 Newton air gach meatair a' fhaide.
  • an kelvin (K), 's an t-aonad de theòthachd teas-eòlach a tha anns an Kelvin. Is e a tha anns a' Kelvin ceum de theòthachd teas-eòlach co-ionnan ri 1 / 273.16 de an theòthachd teas-eòlach aig am puing trì-stàideachd de dh'uisge.
  • am mòl (mol), 's an t-aonad uimhir a tha ann am mòl.[4] Is uimhir de stuth a tha ann an mòl, le àireamh de bun-mirean co-ionnan ris an àireamh de dh'ataman a tha ann 0.012 cileagram de charbon-12. Nuair a thèid cleachdadh air an mòl, b’fheudar do na bun-mirean a bhi sònraichte, faodar bun-mhirean na cuise a bhi àdamhan, moileiciuilean, ionan, éileactronan, neo buidhnean-mirean sonraichte le na mírean sin.
  • an candela (Cd), 's an t-aonad de soillearad a tha ann an candela. Is e a tha anns a’ chandela, an dlùths-sholais, ann an rian ainmichichte, bho mathair-sholais a sgaoileas reideachd mhonocrómatachd aig minigead de 540 x 1012 Hertz, agus le dluths-reideachd anns an rian sin de 1/683 uat air an stereidean.

Tha na aonadan-leasaichte cruthaichte as bun-aonadan co-cheangailte. Tha cruth de gach aonad-leasaichte a reir an cairdeas ailseabrachd eadar a bhun-fheartan.

  • an joule (J) : Is aonad-luith a tha anns an Joule.
  • an t-uat (W): Is aonad cumhachd a tha anns an uat.[5]

Tha ainmean (agus comharraidhean) sònraichte ri na h-aonadan-freumhaichte bu cudthromach. Far a bheil ainm sònraichte do aonad-freumhaichte, faodar don ainm is comharra a bhi cleachdadh an tuairsgeulan agus mar phàirt de aonadan ro-leasaichte.

Chan eil an SI na shiostam reòite, ach thèid a leasachadh gu leantainneach mu choinneamh sàr-fheuman tomhais de shaidheans agus teicneòlas.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. metre”. An Seotal. Air a thogail 25mh dhen Mhàrt 2018.
  2. kilogram”. An Seotal. Air a thogail 25mh dhen Mhàrt 2018.
  3. diog”. An Seotal. Air a thogail 25mh dhen Mhàrt 2018.
  4. mòl”. Am Faclair Beag. Air a thogail 25mh dhen Mhàrt 2018.
  5. watt”. An Seotal. Air a thogail 25mh dhen Mhàrt 2018.
pFad - Phonifier reborn

Pfad - The Proxy pFad of © 2024 Garber Painting. All rights reserved.

Note: This service is not intended for secure transactions such as banking, social media, email, or purchasing. Use at your own risk. We assume no liability whatsoever for broken pages.


Alternative Proxies:

Alternative Proxy

pFad Proxy

pFad v3 Proxy

pFad v4 Proxy